
An t-Urr Alasdair Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba Nis, 1988
Còmhla ris an Urr Alasdair Dòmhnallach (Alasdair Mhurdaig), Eaglais na h-Alba Nis. Gaelic service conducted by the late Rev Alexander MacDonald, Cross Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 102: 13-14 air fonn Bangor agus 's e Fionnlagh Caimbeul a tha os cionn na seinn.
Salm 87: 1-4 air fonn Walsall agus 's e Aonghas Moireach a tha os cionn na seinn.
Salm 69: 35-36 air fonn New Cambridge agus 's e Dòmhnall R Moireasdan a tha os cionn na seinn.
Leughadh : Sechariah 2: 1-13
Ceann-teagaisg: Sechariah 2: 4
Rugadh an t-Urr. Alasdair Dòmhnallach ann an Dail fo Thuath ann a Nis, Leòdhas anns an t-Samhain 1925. B' e a b' òige do theaghlach de chòignear a bh' aig Cairistìona agus Murchadh Dòmhnallach.
Bha an t-Urramach Dòmhnallach anns na ficheadan mas tàinig atharrachadh na bheatha. Bha buaidh aig àm an ath leasachaidh ann an 1949 air agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail. Grunn bhliadhnaichean às dèidh sin, dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus chaidh e a-staigh son a' mhinistreachd. Chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus, nuair a chuir e crìoch air fhoghlam, chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille Mhoire agus Paibeil an Uibhist a Tuath ann an 1957.
Choinnich e ri Màiri Mhoireasdan à Steòrnabhagh greiseag an dèidh sin agus phòs iad ann an 1961. Bha aon ghille agus triùir nigheanan aca.
Ghluais an t-Urramach Dòmhnallach à Uibhist a Tuath gu coitheanal ùr anns a' Chomraich agus mu dheireadh a Chros ann an sgìre Nis far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Às dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, bha e fhathast a' searmonachadh agus a' dèanamh obair pearsa eaglais anns na h-ospadail ann an Inbhir Nis agus ann an Steòrnabhagh.
Bha meas mòr aig na daoine air an Urramach Dhòmhnallach agus bha sin gu math follaiseach là an tìodhlacaidh aige is Eaglais Chrois làn.
Chuir an t-Urramach Dòmhnallach seachad leth cheud bliadhna de bheatha mar mhinistear agus bhathar a' comharrachadh sin dìreach cola-deug mus do bhàsaich e.
Last on
An t-Urr Alasdair Dòmhnallach

Broadcast
- Sun 8 Oct 201721:00BBC Radio nan Gàidheal