Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Ùig, An t-Eilean Sgitheanach

Prògram à tasglann Fàilte air a' Bhaile bho 1988 ann an Ùig san Eilean Sgitheanach. Radio nan Gàidheal's archive programme from Uig in Skye in 1988.

'S ann à tasglan a BhBC a thàinig Fàilte air a' Bhaile a chaidh a chlàradh ann an Ùig san Eilean Sgitheanach ann an 1988. Chaidh am prògram a riochdachadh le Cailean MacIlleathain agus a thoirt thugainn le Susan Lockhart.
Anns a phrògram cluinnear Catriona NicIlleathain a' seinn 'Tha na Fèidh am Bràigh Ùige', còmhradh ri Alasair MacDhòmhnaill à Eàrlais. Sheinn Iain MacNeacail, 'Molladh Ùige'. Bha Murchadh Caimbeul ag aithris bàrdachd bràthair athair mu Ùig. Chuala sinn bho Iain Peutan a bha a' fuireach ann am Beinn Choinnich, agus mu obair na cidhe bho Dhòmhnall MacIlleathain a bha na oifigear aig a' chidhe ann an Ùig. Cuideachd còmhradh le Iain Peutan a bha ag iasgach a-mach à Ùig, agus mu dheireadh chuala sibh am pìobaire Iain MacCoinnich à Siadar.

Release date:

26 minutes

On radio

Mon 22 Jun 202615:30

Broadcasts

  • Mon 22 Jun 202615:30
  • Wed 24 Jun 202620:30