Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1408
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1408. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Sunday13:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1104
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1408
Duration: 04:56
Litir 1408: Nether Lochaber (1)
O chionn ghoirid bha mi a’ toirt sùil air seann eagrain dhen phàipear-naidheachd, Courier Inbhir Nis. Bha iad às na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Ghabh mi tlachd gu sònraichte de na h-altan leis an Urramach Alasdair Stiùbhart air an robh an t-ainm-pinn ‘Nether Lochaber’. Ged a bha e a’ sgrìobhadh ann am Beurla, bha a’ Ghàidhlig, agus dualchas nan Gàidheal, gu mòr fo a phrosbaig anns na sgrìobhaidhean aige. Saoilidh mi gur e fìor sgoilear na Gàidhlig a bh’ ann.
Tha mi airson sùil a thoirt air beagan de na sgrìobh e anns a’ Chourier. Ach, an toiseach, anns an Litir seo, innsidh mi dhuibh mun duine fhèin.
Rugadh Alasdair Stiùbhart ann am Beinn nam Fadhla anns a’ bhliadhna ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Cha b’ ann às na h-eileanan a bha e, ge-tà. Bhuineadh a theaghlach don Apainn ann an Earra-Ghàidheal. Bha a phàrantan a’ fuireach ann am Beinn nam Fadhla nuair a rugadh e oir bha athair ag obair do dh’Oifis nan Cìsean Nàiseanta anns na h-eileanan.
Nuair a bha Alasdair òg, ghluais an teaghlach gu tìr-mòr. Bha iad an toiseach anns an Òban, agus an uair sin ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt. Tha e coltach gun do dh’ionnsaich Alasdair tòrr mu dhualchas nan Gàidheal anns na bliadhnaichean sin.
Chaidh e gu Oilthigh Chill Rìmhinn ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). Cha robh e ach ceithir bliadhn’ deug a dh’aois. Tràth anns an naoidheamh linn deug, bha e cumanta gu leòr gum biodh gillean a’ tòiseachadh anns an oilthigh aig an aois sin. Dh’ionnsaich Alasdair Litreachas, Matamataig, Greugais, Laideann, Eabhrais, Feallsanachd agus Diadhachd.
B’ e ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) bliadhna Briseadh na h-Eaglaise, nuair a chaidh an Eaglais Shaor a steidheachadh. Cha tug am Briseadh buaidh ro mhòr air Oilthigh Chill Rìmhinn agus dh’fhuirich Alasdair ann an Eaglais na h-Alba. Thòisich e mar mhinistear ann an ochd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1851) ann am Baile a’ Chaolais agus Àird Ghobhar.
Gach dàrnacha Sàbaid bhiodh e a’ searmonachadh ann an Àird Ghobhar. Bhiodh e a’ dol a-null air Aiseag a’ Chorrain. Air na Sàbaidean eile, bhiodh e a’ searmonachadh ann an Omhanaich. Tha sin ann an Loch Abar Ìochdarach no, ann am Beurla, Nether Lochaber. ’S e sin as coireach gun do sgrìobh Alasdair fon ainm-pinn ‘Nether Lochaber’. Ach, an ceann greis, an àite ‘Mgr Stiubhart’, ’s e ‘Nether Lochaber’ a bha gu leòr a’ gabhail air mar aithnisg!
Cha robh Alasdair fad’ a’ fuireach anns an sgìre sin nuair a phòs e Seònaid Mhoireasdan a bhuineadh do dh’Àird Ghobhar. Thairis air na bliadhnaichean romhpa, bhiodh triùir chloinne aca – dithis nighean agus balach.
Bha e na mhinistear ann an Loch Abar Ìochdarach gus an do chaochail e ann an naoi ceud deug ’s a h-aon (1901). Ge-tà, chaill e Àird Ghobhar a fhuair ministear dhi fhèin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a sia (1886).
Ged a bha e dìcheallach gu leòr mar mhinistear, choisinn Alasdair cliù dha fhèin gu sònraichte mar sgrìobhadair, gu h-àraidh tro na colbhan aige ann an Courier Inbhir Nis. Chaidh na sgrìobh e a chur còmhla ann an dà leabhar – Nether Lochaber agus ’Twixt Ben Nevis and Glencoe. Innsidh mi dhuibh mun sgrìobhadh aige anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Beinn nam Fadhla: Benbecula; Oifis nan Cìsean Nàiseanta: The Inland Revenue; Oilthigh Chill Rìmhinn: St Andrews University; Baile a’ Chaolais: Ballachulish; Àird Ghobhar: Ardgour; Aiseag a’ Chorrain: The Corran Ferry; Loch Abar Ìochdarach: Nether Lochaber; Seònaid Mhoireasdan: Janet Morrison.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha mi a’ toirt sùil air seann eagrain dhen phàipear-naidheachd: I was looking at old editions of the newspaper; ghabh mi tlachd gu sònraichte de na h-altan leis an Urramach Alasdair Stiùbhart: I took particular pleasure from the articles by the Rev. Alexander Stewart; air an robh an t-ainm-pinn: who had the pen-name; bha X gu mòr fo a phrosbaig anns na sgrìobhaidhean aige: X was considerably under examination in his writings; saoilidh mi gur e fìor sgoilear na Gàidhlig a bh’ ann: I reckon he was a serious Gaelic scholar; bhuineadh a theaghlach don Apainn: his family belonged to Appin; an uair sin ann an Cill Mhìcheil ann an Siorrachd Pheairt: then in Kirkmichael in Perthshire; ceithir bliadhn’ deug a dh’aois: fourteen years of age; Litreachas, Matamataig, Greugais, Laideann, Eabhrais, Feallsanachd agus Diadhachd: Literature, Mathematics, Greek, Latin, Hebrew, Philosophy and Divinity; bliadhna Briseadh na h-Eaglaise, nuair a chaidh an Eaglais Shaor a steidheachadh: the year of the Disruption of the Church, when the Free Church was established; gach dàrnacha Sàbaid: every second Sabbath; bhiodh e a’ searmonachadh ann an Omhanaich: he would be preaching in Onich; bhiodh triùir chloinne aca – dithis nighean agus balach: they would have three children – two girls and a boy; choisinn Alasdair cliù dha fhèin: Alexander won a reputation for himself; chaidh na sgrìobh e a chur còmhla ann an dà leabhar: what he wrote was brought together in two books.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: na seachdadan dhen naoidheamh linn deug: the seventies of the nineteenth century i.e. the 1870s. Another way of saying that would be ‘na h-ochd [ceud] deug is seachdadan’ although that might be considered a little inelegant. You will hear many Gaelic speakers using the English form of such numbers.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha robh Alasdair fad’ a’ fuireach anns an sgìre sin: Alexander wasn’t [hadn’t been] living long in that area.
Broadcast
- Sunday13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.