Sùil air na colbhan le Iain Stephen Moireasdan agus Magaidh Choineagan
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Iain Stephen Moireasdan agus Magaidh Choineagan a tha a' dèanamh sin an-diugh. Dè ghlac an aire agus dè am beachd fhèin air cùisean?
Tha dealbh-chluich dhen nobhail ainmeil 1984 le George Orwell ri ùr-fhaicinn an Alba an-dràsta. Chaidh Dàibhidh Walker ga fhaicinn aig teàtar Citizen's Ghlaschu ach dè shaoil e dheth?
Agus cluinnidh sinn cuideachd cuid dha na chlàr Coinneach Mac a' Ghobhainn aig Rannsachadh na Gàidhlig as t-samhradh. An-diugh tha e a' bruidhinn ri Rebecca Madlener bho Shabhal Mòr Ostaig mun rannsachadh aicese air ainmean àite Sgitheanach, agus ri Àdhamh O Bròin mu obair is feum fhaclaireachd - sin cruinneachadh fhacail - san 21mh linn.
Last on
Broadcasts
- Monday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Monday22:55BBC Radio nan Gàidheal
