Main content
Sorry, this episode is not currently available

'S e Mìcheal MacNèill cèiliche na seachdain sa

'S e Mìcheal MacNèill an cèiliche a th' air Naoi gu Deich an-diugh. Sea captain Michael MacNeil from Barra is the guest this week on Naoi gu Deich.

'S iomadh duine chanadh gur e a bhaile fhèin a b'fheàrr sa rìoghachd - ach tha geàrr-liosta airson duais Baile Albannach na Bliadhna air An Eaglais Bhreac, An Gearasdan, Kirkwall, Inbhir Ùraidh, agus Cillebhrìghde an Ear ainmeachadh. Saoil cò ris a tha iad coltach? Tha Cathy a' bruidhinn ri feadhainn a tha a' fuireachd neo a bhuineas dhaibh, feuch dè am beachd fhèin air cùisean.

Cluinnidh sinn cuideachd mun Naomh Bharra, is ìomhaigh ùr gu bhith air a thaisbeanadh ann an Eilean Bharraigh.

Am measg na th' air a' bhuidheann stiùiridh a tha ag obair air an ìomhaigh sin tha Mìcheal MacNèill: sgiobair a bhios luchd-siubhail a' cluinntinn gu tric air bàtaichean-aiseig Innse Gall, (a' Hebrides) agus am Fear-Cinnidh (An Clansman). Agus 's e ar cèiliche an t-seachdain sa. Eadar a bhliadhnaichean a' seòladh agus a dhàimh làidir ri dhachaigh is croit an teaghlaich, 's iomadh cuspair air an suath e na chòmhradh le Angela NicFhionghuin.

Release date:

57 minutes