Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1419
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1419. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.
Last on
Yesterday13:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1115
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1419
Duration: 05:03
Litir 1419: Dail a' Mhuilinn
Cuiridh mi geall nach robh mòran dhen luchd-èisteachd agam riamh ann an Dail a’ Mhuilinn ann an Gallaibh. Ciamar as urrainn dhomh a bhith cinnteach às a sin? Uill, tha Dail a’ Mhuilinn uabhasach doirbh a ruigsinn. Chan eil rathad poblach a’ dol ann. Agus bhon stèisean-rèile as fhaisge, tha e beagan mhìltean sìos frith-rathad.
Chaidh mi ann turas o chionn beagan bhliadhnaichean. Ghabh mi an trèana gu ruige Stèisean Allt nam Breac ann an Gallaibh. Tha sin ann an sgìre ris an canar ‘The Flow Country’ no ‘Dùthaich nam Boglaichean’. Tha an sgìre clàraichte aig UNESCO mar phàirt de ‘Dhualchas na Cruinne’.
Bhon stèisean, choisich mi gu ruige Dail a’ Mhuilinn. Chan fhaca mi duine air an rathad. Cha mhòr gu bheil duine a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh. Chaidh mi seachad air Loch a’ Mhuilinn agus ri taobh Allt a’ Mhuilinn agus ràinig mi Dail a’ Mhuilinn.
Ann am Beurla, ’s e Dalnawillan a th’ air mar ainm. Tha seann loidse ann air a bheil Dalnawillan Lodge. Bha uaireigin gu leòr a’ tighinn ann airson sealg nam fiadh. Ach an-diugh, tha an togalach dà-ùrlarach falamh agus glaiste. Saoilidh mi nach fhada gum bi e a’ tuiteam às a chèile.
Tha mòran ann an Gallaibh a’ ceangal Loidse Dhail a’ Mhuilinn ri Sir Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich nach maireann. Tha e aithnichte ann am Beurla mar Sir Archibald Sinclair, 1st Viscount Thurso. Rugadh e ann an Gallaibh ann an ochd ceud deug is naochad (1890). Ach chaidh e gu Colaiste Eton agus Colaiste an Airm ann an Sandhurst. Chan e Gallach àbhaisteach a bh’ ann!
Bha Mac na Ceàrdaich am measg nan daoine a bu mhotha leis an robh fearann anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha ceud mìle acaire aige ann an Gallaibh. Bhiodh e a’ cluich polo. Bha e dèidheil air a dhol suas ann an itealain. Agus bha Winston Churchill am measg nan caraidean aige.
Bha dreuchd fada aige ann am poilitigs. Bha e na cheannard air a’ Phàrtaidh Libearalach. Sheas e an aghaidh a bhith a’ tighinn gu còrdadh le Hitler an dèidh call na Frainge ann an naoi ceud deug is ceathrad (1940). Agus bha e ann an dreuchd Rùnaire na Stàite airson an Adhair ag àm nuair a ghlèidh Feachd Rìoghail an Adhair Breatainn bhon Luftwaffe. Gu tric, bhiodh caraidean aige on cheann a deas a’ fuireach mar aoighean ann an Dail a’ Mhuilinn.
’S dòcha gur e an rud as iongantaiche mun àite an seann chladh a tha suidhichte air tom mu choinneamh na loidse. Thathar ag ràdh gun robh Naomh Ciaran air a thiodhlacadh ann o shean. Bha esan co-cheangailte ri sgaoileadh a’ Chreideimh Chrìosdail ann an Alba.
A rèir beul-aithris na sgìre, bha Ciaran air a chur gu bàs ann an Eilean Eige, cuide ri Naomh Donnan. Tha Donnan air a chuimhneachadh faisg air làimh ann an Srath Chill Donnain ach chan aithne dhomh a bheil Ciaran air a chuimhneachadh anns an aon dòigh.
Buinidh a’ chuid as motha de na th’ air an tiodhlacadh anns a’ chladh – no co-dhiù an fheadhainn aig a bheil clachan – do na Sinclairs. Tha aon teaghlach fhathast a’ fuireach faisg air làimh. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e geamairean a th’ annta. Tha na fèidh nas pailte na daoine anns an sgìre sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dail a’ Mhuilinn: Dalnawillan; Gallaibh: Caithness; Allt nam Breac: Altnabreac; Dualchas na Cruinne: World Heritage; itealain: aeroplanes; Rùnaire na Stàite airson an Adhair: Secretary of State for the Air; Eilean Eige: the Isle of Eigg; Naomh Donnan; St Donan.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Ciamar as urrainn dhomh a bhith cinnteach às a sin?: how can I be sure of that?; bha mi nam dheasaiche: I was an editor; uabhasach doirbh a ruigsinn: very difficult to reach; bhon stèisean-rèile as fhaisge, tha e beagan mhìltean sìos frith-rathad: from the nearest railway station, it is a few miles down a track; cha mhòr gu bheil duine a’ fuireach anns an sgìre sin an-diugh: hardly anybody lives in that area today; sealg nam fiadh: the hunting of the deer; tha an togalach dà-ùrlarach falamh agus glaiste: the two-storey building is empty and locked; saoilidh mi nach fhada gum bi e a’ tuiteam às a chèile: I reckon it won’t be long until it becomes ruinous; chan e Gallach àbhaisteach a bh’ ann: he wasn’t ‘your average’ Caithnessian; sheas e an aghaidh a bhith a’ tighinn gu còrdadh le Hitler an dèidh call na Frainge: he stood against compromising with Hitler following the fall of France; ag àm nuair a ghlèidh Feachd Rìoghail an Adhair Breatainn bhon Luftwaffe: at a time when the Royal Air Force preserved Britain from the Luftwaffe; bhiodh caraidean aige on cheann a deas a’ fuireach mar aoighean: friends of his from the south would stay as guests; gur e an rud as iongantaiche mun àite: the most amazing thing about the place is; an seann chladh a tha suidhichte air tom mu choinneamh na loidse: the old cemetery that is situated on a hillock opposite the lodge; thathar ag ràdh gun robh Naomh Ciaran air a thiodhlacadh ann o shean: it’s said that St Ciaran was buried there in ancient times; chan aithne dhomh a bheil Ciaran air a chuimhneachadh anns an aon dòigh: I don’t know if Ciaran is remembered in the same way; tha mi a’ dèanamh dheth gur e geamairean a th’ annta: I reckon they are gamekeepers.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Bha Mac na Ceàrdaich am measg nan daoine a bu mhotha leis an robh fearann anns an Rìoghachd Aonaichte: Sinclair was amongst the biggest landowners in the United Kingdom. Note the idiomatic way of expressing this. The preposition ‘le’ is used here (rather than ‘aig’) in order to express ownership. ʼS ann leis-san a tha am fearann ‘he [emphasized] owns the land’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: Cuiridh mi geall: I’ll bet.
Broadcast
- Yesterday13:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.