Sreath ghoirid uabhais Ghàidhlig agus cuairt-fhuaime sònraichte.
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.
A' nochdadh air BBC iPlayer agus YouTube bhon latha an-diugh, tha Loch nam Madadh na shreath ghoirid uabhais Ghàidhlig a bheir clisgeadh ort, mu thuras aiseig a thèid uabhasach ceàrr. Tha Niall Iain a' cluinntinn bho Mhaureen NicLeòid, co-sgrìobhaiche na sreatha, agus bho Anndra MacAonghais, aon de na cleasaichean.
Bidh cuairt shònraichte ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fharbhaidh a-màireach far an cluinnear fuaimean bhon àrainneachd, seinn nan eun, agus guthan Gàidhlig agus Albannach nad chluasan fhad's a thathar a' coiseachd. Bidh an cuairt-fhuaime an cois òraid bho Oifigear Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd aig RSPB Alba, Shona NicIllFhialain, agus tha i ag innse barrachd mu dheidhinn do Niall Iain.
Agus mar as àbhaist air Dihaoine, tha trì òrain againn a tha ceangailte ri sgeulachd na seachdain seo air Ceòl na Sgeòil. Cluichidh sinn ur taghadh aig deireadh a' phrògraim.
Last on
Music Played
![]()
Peter Bjorn and John
Out of Nowhere
- Endless Dream.
- INGRID.
- 7.
![]()
Zoe Wees
Rise Again
![]()
Trail West
Còmhla
![]()
Sebastian Schub
Before You Hit The Water
![]()
Giant Rooks
Slow Dance (For A Minute)
- Slow Dance (For A Minute).
- Vertigo Berlin.
- 1.
![]()
RAYE
WHERE IS MY HUSBAND!
- (CD Single).
- RAYE.
![]()
The Beautiful South
Old Red Eyes Is Back
- Beautiful South - Carry On Up The Cha.
- Go! Discs.
Broadcast
- Last Friday12:00BBC Radio nan Gàidheal

