Episode details

Available for 29 days
Tha tòrr anns na naidheachdan mu bhuaidh a’ chogaidh ann an Iran air prìsean a’ chonnaidh. Air sgàth seo, tha barrachd dhaoine a’ coimhead air an dùthaich fhèin airson làithean-saora seach a bhith a’ falbh thall thairis air plèana. Am put seo cuid gu bhith nas seasmhaiche nuair a thig e gu siubhal? Tha an t-eòlaiche siubhail Daibhidh Byrne a’ cnuasachadh air na diofar roghainnean seasmhachd a tha ann a thaobh làithean-saora. Thug WhatsApp a-steach voicenotes ann a 2013. Teachdaireachd ghoirid nad ghuth fhèin a chur gu caraidean no teaghlach. Ann an cuid de dhùthchannan mar na h-Innseachan no Mexico, tha voice notes gu mòr air an cleachdadh, cha mhòr cho cumanta ri texts. Ach coltach nach eil iad air glacadh idir san aon dòigh ann am Breatuinn? Carson a tha cuid dèidheil orra agus cuid eile gan seachnadh gu tur? Tha sgioba Feasgar ag innse nuair a tha voicenotes feumail dhaibhsan. Tha Maureen NicLeòid a’ feuchainn ri tadhal air a h-uile dùthaich nach robh I ann roimhe san Roinn Eòrpa. An-diugh tha i ann an Eastòinia.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.National ExpressNational ExpressThe Divine Comedy
- 2.Let Me DownLet Me DownCammy Barnes
- 3.You As You WereYou As You WereLUSA & Beth Malcolm