Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,07 May 2026,87 mins

còmhla ri Emma NicLaomainn

Feasgar an-diugh

Available for 26 days

Bha Duolingo a’ sireadh cuideigin airson àrd-dhreuchd, agus mar phàirt den fhastadh, chruinnich iad fiosrachadh air mar a ghiùlain na tagraichean iad fhèin san tacsaidh air an t-slighe. Ged a bha aon neach air leth comasach, cha d’ fhuair e air adhart leis gun robh e mì-mhodhail. Ach dè tha fastaichean a’ sireadh dha-rìribh? A bheil na h-aon rudan cudromach an-còmhnaidh, no a bheil e nas motha na sgilean obrach a-mhàin? Am bi deuchainnean practaigeach ann, agus an aithnichear sa bhad cò tha freagarrach? No a bheil diofar dhòighean air an cleachdadh? Tha dithis a tha gu math eòlach air fastadh agus agallamhan a’ mìneachadh na tha iad fhèin a’ lorg. Thèid an fhèis bhliadhnail, Fèis Fiolm Dhùn Omhain, a chumail thairis air an deireadh sheachdain sa tighinn. Tha clàr-ama gu math farsaing air a chur ri chèile le Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Dhùn Omhain agus Screen Argyll do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am filmichean agus ann a bhith a’ dèanamh fhilmichean. Tha Alasdair Satchel, bhon bhuidheann Screen Argyll, ag innse dè tha dol aig an fhèis am bliadhna.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Settle Down
    Settle Down
    The 1975
  3. 2.
    Cry Baby
    Cry Baby
    CeeLo Green
  4. 3.
    Happy Birthday (edited)
    Happy Birthday (edited)
    Altered Images