Episode details

Available for 34 days
Bho mheadhan an Fhaoillich gu toiseach a’ Ghearrain tha baile mòr Ghlaschu air ghoil agus Fèis Celtic Connections a’ gabhail àite, fèis a tha air a bhith ruith bho 1994 agus a tha air a bhith air leth soirbheachail bho bhliadhna gu bliadhna. Tha luchd ciùil nan ceudan a’ foillseachadh an cuid sgilean thairis air na seachdainean sin. Am bliadhna ged tha, a bharrachd air na sgilean seinn is cluich aca a thaisbeanadh air an àrd ùrlar, bha na sgilean sgrìobhaidh cuideachd mar chuspair ann an aon de na cuirmean, b’e sin cuirm shònraichte air an robh “Oran Ùr” a chaidh a chumail anns an Citizen’s Theatre. Bha seo a’ leantainn air a phroiseact a bha ruith air Radio nan Gaidheal thairis air bliadhna. Air an oidhche chualar 18 de dh'òrain ùr a chaidh an sgrìobhadh bho 2000 air cuspairean leithid canan is ceòl, sgìrean sònraichte eadar machaire Chill-donain is Santiago, talaidhean de dheifir sheorsa bho leanamh òg gu iasgair, òrain spioradail agus òrain gaoil.
Programme Website