Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,21 Jun 2026,30 mins

còmhla ris an Urr Coinneach Stiùbhart

Dèanamaid Adhradh

Available for 25 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 116: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urramach Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois. Salm 107: 28-30 air fonn Kilmarnock agus 's e Seonaidh Mac a' Mhaoilein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac. Leughadh: Leabhar an Taisbeanaidh 13: 1,3-4,8,11,16-18 & 14: 1, 9-13 Ceann-teagaisg: Leabahr an Taisbeanaidh 14: 13 Rugadh 's thogadh an t-Urr Coinneach Stiùbhart ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath agus thàinig atharrachadh spioradail na bheatha nuair bha e 18. Fhuair e foghlam ann am Bun-sgoil nan Ceallan agus Sgoil Phaibeil an Uibhist, Sgoil MhicNeacail an Leòdhas agus, an dèidh sin, ann an Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire an Dùn Èideann. Tha e pòsta aig Anna à Garrabost san Rubha agus tha còignear chloinne aca. Tha Mgr Stiùbhart na mhinistear air coitheanal Eaglais nan Clèireach Ath-leasaichte ann an Steòrnabhagh, agus roimhe sin bha e na mhinistear air coitheanal Ghlaschu. Chur e ùine seachad cuideachd na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Dowanvale ann am Partaig, Eaglais Shaor Steòrnabhaigh, Eaglais Shaor Toronto agus Eaglais Shaor Sgalpaigh.

Programme Website
More episodes