Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,29 Jul 2026,57 mins

Taisbeanadh mu obair an sgadain agus cèiliche na seachdain

Naoi gu Deich

Available for 26 days

Tha'n taisbeanadh, Following the Fish ri fhaicinn aig taigh-tasgaidh Lionacleit ann am Beinn na Faoghla an dràsta. Tha'n taisbeanadh stèidhichte air 100 bliadhna de dh' obair a sgadain, 's gu sonraichte, clann-nighean an sgadain, 's na puirt a bhiodh iad a' triall air feadh na rìoghachd. Tha Angela NicFhionghuin a' gabhail cuairt timcheall an taisbeanaidh còmhla ri Catriona NicCumhais. ' S e Tormod MacLeòid, cèiliche na seachdain. Tha Tormod aithnichte air feadh na dùtcha, 's e air faisg air 40 bliadhna chuir seachad, a' preasantadh naidheachdean a chinn a tuath air telebhisean. Tha e a' leigeal seachad an dreuchd sin air an t-seachdain'sa fhèin. Tha e ann an còmhradh ri Cathy an-diugh mu iomadh cuspair, bho òige ann a Sgalpaigh gu dè a-nise a tha fainear dha.

Programme Website
More episodes