Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,28 Jul 2026,57 mins

Teintean na Frainge agus àm an Iuthair

Naoi gu Deich

Available for 30 days

'S e cùis-uabhais air a leth a th' air a bhith ann an teintean mòra air feadh na Roinn Eòrpa am-bliadhna, ach tha na naidheachdan às a' Fhraing air uabhas nas motha buileach a chuir air daoine - le teine 9 mìle bho bhaile mòr Bordeaux. Tha Patsi NicChoinnich anns a' Fhraing agus a' mìneachadh mar a tha na ceudan mhìltean air an dachannan fhàgail; agus tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' mìneachadh mar a tha a' chùis a' toirt buaidh fiù 's air aimsir is iarmailt na dùthcha. Cuideachd sa phrògram, bidh sinn a' faighinn cothrom èisteachd a-rithist ris an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mun àm sa dhen bhliadhna: an t-Iuthar, neo na "dog days" mar a chanas iad riutha sa Bheurla. Agus bidh cuimhne air làithean mus d' thàinig fuaradairean cuideachd gus bainne a ghlèidheadh sna dearbh làithean sa le ath-chraoladh de chòmhradh eadar Marisa NicDhòmhnaill, Seonag NicAnndrais, is Tormod MacLeòid. Sin agus cuimhneachain air na làithean saora a b' fheàrr a chòrd ri Ricky Hannaway - turas a-null thairis gu Thailand.

Programme Website
More episodes