Episode details

Radio nan Gàidheal,17 Aug 2026,57 mins
Colbhan beachd, dealbh-chluich agus eachdraidh chiùil an giotàr
Naoi gu DeichAvailable for 7 days
Gach Diluain bidh dithis a' gabhail sgrìob tro cholbhan beachd nam pàipearan naidheachd bhon deireadh sheachdain. 'S iad Murray MacLeòid agus Siùsidh NicDhonnchaidh a tha dèanamh sin an-diugh. Dè ghlac an aire agus dè am beachd fhèin air cùisean? Tha Wilma NicUalraig a' toirt beachd air an dealbh chluich, A History of Paper, a tha ri fhaicinn aig Teàtar Bhaile Chloichridh an dràsta. Tha an sgeulachd a' ruith air beatha fear is te, 's ' iad a' coimhead air ais air an càirdeas agus an dàimh eatarra tro na bliadhnaichean, 's air na litrichean a bha'd a' sgrìobhadh gu chèile. 'S iad na h-Albannaich, Alan Cumming agus Shirley Henderson na prìomh chleasaichean's an dealbh-chluich. Agus tha BBC Radio 4 a' comharrachadh 60 bliadhna bhon a thug Bob Dylan crathadh air saoghal a chiùil, nuair a thòisich e a' cleachdadh giotàr dealan! Tha sreath ùr, The Guitar Story, ag innse mun bhuaidh a thug giotàr air a h-uile seòrsa ceòl, bho flamenco gu na blues, pop agus folk. Tha a neach-ciùil, Calum Màrtainn air a bhith ga èisteachd agus làn-chuimhne aige fhèin air nuair a thòisich Dylan le giotàr dealan, 's an othail a bha an cois sin!
Programme Website