Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,04 Sep 2026,120 mins

Urram do Rona

Available for 28 days

Chruinnich luchd-ciùil, seinneadairean, càirdean is luchd-eòlais agus iad a’ lìonadh talla ùr Chnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas airson urram a thoirt do thè de chaileagan na sgìre a tha a’ comharrachadh gu bheil i air ceithir fichead sa deich a ruighinn air a’ bhliadhna seo. Rugadh Rona Lightfoot neo Rona Eardsaidh Raghnaill ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas, baile beag gu math faisg air togalach Chnoc Soilleir. Thàinig Rona bho theaghlach agus bho ghinealach a bha air am bogadh ann an ceòl, òrain is sgeulachdan agus nach math gu bheil i fhèin air na tàlantan sin a roghainn aig iomadh tachartas agus gu sònraichte aig Fèis Cheòlais thar nam bliadhnaichean. Bha e gu math freagarrach gun deach a’ chuirm shònraichte seo a chumail ann an talla ùr Chnoc Soilleir, a tha an-diugh mar mhiann air ceòl, òrain is dualchas na sgìre a chumail beò. A' cumail smachd air cùisean thairis air an dà uair a thìde bha Mìcheal Steele, pìobaire, craoladair agus neach-ciùil sa chòmhlan Beinn Lee.

Programme Website