Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,15 Sep 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 29 days

Tha 30 bliadhna bhon a chaidh Coisir Nàiseanta Òigridh na h-Alba a' stèidheachadh. Mar chomharra air a sin, tha goireasean ciùil ga thoirt do chlann-sgoile air feadh na dùthcha. Dè tha clann a' faighinn à seinn còmhla? Tha Cailean MacIlleathain a' toirt beachd air leabhar ùr mu eachdraidh eilean Ratharsair. Tha, Island of Roe Deer: The Story of Raasay, air a' sgrìobhadh le Roger Hutchison, 's air fhoillseachadh le Birlinn. Tha sinn a' cuimhneachadh air an t-seinneadear Gàidhlig ainmeil, Màiri Nic a' Ghobhainn, a' chaochail air an deireadh sheachdain. Bha Màiri na sàr ealanaiche ann an iomadh meadhan. Choisinn i MBE son na chuir i ri saoghal ceòl traidiseanta agus urram cuideachd bho Dhuaisean na Trads an Alba. Tha caraidean agus luchd-ciùil ann an còmhradh ri Cathy mu na cuimhneachain aca fhèin oirre.

Programme Website
More episodes