Episode details

Available for 30 days
Mìneachadh air na h-atharraichean a tha a' tighinn air Lìg nan Nàiseanan UEFA. Ann an Alba tha a h-uile leanabh sa bhun-sgoil bho Clas 1 gu Clas 5 a' faighinn biadh-sgoile an-asgaidh agus chan eil aig clann nas sinne ri pàigheadh ma tha am pàrantan air sochairean sòisealta. Ach dè mar a tha cùisean ann an sgoiltean na Roinn Eòrpa ? Cluinnidh sinn bho thriùir. Tha trì fichead bliadhna bhon a chaidh am prògram “7 Up” fhaicinn air telebhisean an toiseach, far an robh òigridh aois seachd bliadhna bho air feadh Bhreatainn a’ toirt an sealladh fhèin air an t-saoghal 's a' meòrachadh air dè a bha romhpa. Tha a' chlann sin a-nise air 70 a ruighinn 's iad, as a' phrògram mu dheireadh san t-sreath, a' coimhead air ais air na deich prògraman san robh iad an sàs. Gheibh sinn beachd air na prògraman bho dhithis a tha 70 air a' bhliadhna seo. Agus tha Christine Walker a' toirt dhuinn a beachd air leabhar eile son an t-samhradh: The Things We Never Say bho Elizabeth Strout.
Programme Website