Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,27 Oct 2026,87 mins

Alba Eagalach, Taghadh Taighe agus sgilean airson saoghal na h-obrach.

Feasgar an-diugh

Available for 28 days

A rèir suirbhidh, tha barrachd air ceithir às gach deich deugaire ag iarraidh barrachd chothroman air eòlas-obrach san sgoil, leis an aon àireamh ag iarraidh tuilleadh stiùiridh air mar a chuireas iad a-steach airson obraichean. Chaidh faighneachd do dhà mhìle deugaire eadar trì-deug agus ochd-deug bliadhna a dh’aois mu shaoghal na h-obrach agus mun chuideachadh a tha a dhìth orra airson obair fhaighinn. Tha Emma an-diugh a’ cluinntinn bheachdan bho Willow NicFhearghais, a tha dìreach air tòiseachadh ann an saoghal na h-obrach, agus bho Dhòmhnall Iain MacDhòmhnaill, a bha na cheannard-sgoile mus do leig e dheth a dhreuchd. Tha an dàrna sreath de dh’Alba Eagalach ri fhaicinn an-dràsta air YouTube BBC ALBA Clann, agus tha Hannah NicKirdy, tè de na sgrìobhadairean agus na cleasaichean, ag innse dè bhios ri fhaicinn san t-sreath. Agus cothrom eile cluinntinn mun taghadh a rinn Maureen NicLeòid den taigh anns am bu mhiann leatha a bhith a’ fuireach.

Programme Website
More episodes

Tracklist

  1. Track
    Artist
  2. 1.
    Red
    Red
    Taylor Swift
  3. 2.
    Drive Safe
    Drive Safe
    Myles Smith & Niall Horan
  4. 3.
    Happier
    Happier
    Marshmello & Bastille
  5. 4.
    Yellow
    Yellow
    Coldplay
  6. 5.
    Out Of Reach
    Out Of Reach
    Gabrielle
  7. 6.
    Please Please Please
    Please Please Please
    Sabrina Carpenter