Episode details

Available for 27 days
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999. Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn aig an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns an t-siathamh prògram den t-sreath bha còmhraidhean mun bhuaidh a bha aig cùisean os-nàdarra air beathaichean, gu h-àraidh coin is eich. Chualas agallamhan le Dòmhnall Iain MacIllinnein, Màiri Dhòmhnallach, Sìne Churrie, Donnchadh MacMhathain, Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach agus Pàdruig Moireasdan, agus b’ i Màiri Nic a’ Ghobhainn a bha a’ seinn aig an deireadh.
Programme Website