Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,27 Feb 2011,30 mins

còmhla ris an Urr Iain Fearghasdan bho 1991

Dèanamaid Adhradh

Available for 29 days

Anns an t-seirbheis seo bho 1991 cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 84; 4-5 air fonn Bangor agus 's e Dòmhnall I MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Aonghas Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas. Leughadh: Luc 9: 46-52 Ceann- teagaisg: Luc 9: 62 Rugadh Iain Fearghasdan ann an Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath anns a' Mhàirt 1937. An dèidh dha an sgoil fhàgail, bha e ag obair ann an Uibhist agus air tìr-mòr, a' falbh bho obair gu obair. Aig an àm sin cha robh miann sam bith aige dreuchd sònraichte a leantainn. Thàinig e fo bhuaidh an t-soisgeil nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Uibhist ann an 1958 agus b' ann sa bhliadhna às dèidh sin a chaidh e gu Colaiste a' Faith Mission ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Às dèidh grunn bhliadhnaichean a chuir seachad mar shoisgeulaiche ann an Alba agus ann an Èirinn, dh'fhairich e gu robh e ga ghairm gu bhith na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Rinn e ullachadh ann an Colaiste Skerry agus chaidh e às an sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e LTh. Thug e mach BD anns na bliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e urram o Cholaiste Chrìosdail Chanada nuair a rinn iad Dotair Diadhaireachd dheth ann an 1996. Anns an Ògmhios 1973 fhuair Iain cead-searmonachaidh bho Chlèir Ghlaschu agus, anns an Dàmhair a' bhliadhna sin, ghabh e gairm bho choitheanal Chrois ann an Nis a Leòdhas far an robh e a' searmonachadh airson seachd bliadhna. Ann an 1980 ghluais e fhèin agus an teaghlach gu Port Rìgh agus bha e an sin gus an do leig e dheth uallach coitheanail ann an 2002. Rinn e fhèin is Oighrig, a bhean, an dachaigh anns a' Mhanachainn far an robh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm. Bha triùir de theaghlach aca - Iain, Gilleasbaig agus Agnes - agus an-diugh tha triùir oghaichean aca, Acacia, Elijah agus Anndra. Bha Oighrig na cùl-taic do dh'Iain fad na bliadhnaichean a bha e na mhinistear agus cuideachd às dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad. Chan eil fada bhon a chaidh leabhar, anns a bheil còrr is fichead de na searmoin aig Iain a chlò-bhualadh, pròiseact air an do thòisich e fhèin mus do bhàsaich e agus air na chuir Oighrig crìoch. Bhàsaich Iain air an t-siathamh latha den Fhaoilleach 2009 agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Chille Mhoire ann an Uibhist a Tuath.

Programme Website
More episodes