"Ann an Clas a Trì cha b' urrainn dhomh sgrìobhadh fhathast"

Fiachra
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fiachra a-nis a' faighinn na taice a dh'fheumas e

  • Air fhoillseachadh

Bha Fiachra gu math òg nuair a mhothaich e gun robh e air dheireadh air a cho-aoisean a bha cuideachd a' faighinn an oideachaidh tron Ghàidhlig.

"Ann an Clas a Trì cha b' urrainn dhomh sgrìobhadh fhathast. Bha leughadh uabhasach fhèin doirbh dhomh ach aon rud nach robh cho doirbh, 's e dìreach a bhith a' bruidhinn sa Ghàidhlig.

"Bha e dìreach uabhasach fhèin doirbh a bhith a' dèanamh nan rudan a bha a h-uile duine eile a' dèanamh san sgoil," thuirt e.

Tha doille-fhaclan - dyslexia - air Fiachra agus e am measg an 43% de chloinn-sgoile an Alba aig a bheil feumalachdan a bharrachd a rèir nan àireamhan as ùire aig Riaghaltas na h-Alba.

Ged a fhuair Fiachra taic sa bhad thug e bliadhnaichean mus d' fhuair e aithne oifigeil, agus tha e a' nis a' faighinn cuideachaidh san sgoil.

Pàiste a' sgrìobhadh le peann ann an seòmar-teagaisg bun-sgoile Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Dyslexia Scotland gu bheil còrr agus an treas cuid de chloinn a' fàgail na sgoile gun dearbhadh gu bheil dyslexia orra

Tha Fiachra a-nise sa chiad bhliadhna san àrd-sgoil - fhathast ann am FtMG - agus e den bheachd nach cuir dyslexia bacadh air agus taic ann dha.

Ach tha mòran ann nach eil a' faighinn na taice a tha a dhìth orra ann an ùine agus dìth-ghoireasan a' fàgail gu bheil a' mhòr-chuid de dheuchainnean airson dyslexia sa Bheurla.

Tha athair Fhiachra, Eamonn Bolger, ag ràdh gun d' fhuair iad mòran taice bhon bhun-sgoil ach gur dòcha gu bheil e a' toirt "nas fhaide aithneachadh oifigeil fhaighinn am FtMG seach foghlam Beurla".

Thuirt e: "'S dòcha gu bheil an leughadh agus an sgrìobhadh a' tachairt aig ìre eadar-dhealaichte leis gu bheil iad ag obair ann an dà chànan seach aon."

A rèir rannsachaidh a rinn Dyslexia Scotland, taobh a-muigh tha 38% de dhaoine òga a' fàgail na sgoile às aonais dearbhadh oifigeil gu bheil iad le dyslexia.

Tha Dyslexia Scotland an sàs ann am buidheann shònraichte airson goireasan a leasachadh - is iad air làrach-lin a chruthachadh, taobh a-muigh le fiosrachadh agus taic.

Nicholas

Tha Nicholas cuideachd a' faighinn FtMG agus tha e air Clas a Dhà sa bhun-sgoil.

Tha òtasm air agus tha sin a' toirt buaidh air na comasan labhairt aige.

Tha a mhàthair Nicola O' Conner ag ràdh gun do bhruidhinn iad ri cuid a bha a' smaoineachadh nach biodh foghlam sa Ghàidhlig a' freagairt air.

"Cha robh iad a' faireachdainn gun robhar a' cumail taic riutha le an cuid chloinne eadar a bheil dyslexia orra neo ADHD neo òtasm," thuirt i.

Air a' cheann thall roghnaich Nicola a chur gu sgoil Ghàidhlig air sgàth cho tuigseach 's a bha an luchd-teagaisg.

Ge-tà, feumaidh a mac an sgoil fhàgail nas tràithe a h-uile latha leis nach eil luchd-taice gu leòr ann.

Tha figearan aonadh an luchd-teagaisg EIS, taobh a-muigh a' sealltainn gun tàinig lùghdachadh 25% air na tha de luchd-taice an Alba bho 2010.

Aig a' cheart àm tha an àireamh de sgoilearan le feumalachdan a bharrachd air èirigh bho 5% gu 43%.

Clann-sgoile ann an seòmar-teagaisg. Tha lèintean gorma orra. Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha còrr air ceathrar anns gach deichnear de chloinn-sgoile an Alba a-nis feumach air taic oideachaidh a bharrachd

Chaidh rannsachadh mò, taobh a-muighr air feumlachdan a bharrachd agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhèanamh le Stòrlann airson Bòrd na Gàidhlig ann an 2014.

Fhuair iad gun robh fìor fheum air tuilleadh ghoireasan sa Ghàidhlig.

Tha còir laghail aig clann le feumalachdan a bharrachd foghlam fhaighinn ann an sgoiltean leis a' mhòr-chuid ma 's urrainn dhaibh.

Mholadh Nicola gum biodh barrachdan sheòmraichean fa leth ann do chloinn a dh'fheumas beagan ùine air falbh bho sheòmar-teagaisg trang

Tha Mortin Dunlop bho Chomann Nàiseanta an Uathachais ag ràdh "ro thric cluinnidh sinn nach fhaigh daoine le òtasm an taic a dh'fheumas iad ach nuair a bhios èiginn ann".

Tha a' bhuidheann ag iarraidh air an ath-phàrlamaid reachdas ùr a thoirt a-steach fom biodh treànadh sònraichte aig luchd-obrach na roinne poblaich air feumalachdan mar òtasm.

Thuirt Mgr Dunlop: "Bheireadh seo tuigse bunaiteach do thidsearan a bhios a dhìth airson coinneachadh ri feumalachdan chloinne le òtasm."

Tuilleadh air an sgeulachd seo