County agus Accies co-ionann an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 11:35 GMT 28 An Dàmhair
Tùs an deilbh, SNSTha Ross County is Hamilton Accies fhathast co-ionnan aig mullach Lìog a h-Aon is iad air crìochnachadh co-ionann 1-1 ann an Inbhir Pheofharain oidhche Mhàirt.
Chuir Dylan Mac a' Ghobhainn County air thoiseach goirid às dèidh leth-uair le oidhirp bho oir a' bhocsa.
Beagan mhionaidean às dèidh sin fhuair Stuart McKinstry Accies co-ionann.
Cha b' urrainn do thaobh seach taobh tadhal a lorg 'son an geam a bhuannachadh is chrìochnaich e 1-1.
Tha na sgiobaidhean ri chèile fhathast gun geama a chall san lìog gu seo is iad còmhla air 32 puing, ged a tha na Staggies air thoiseach air tadhail.
Thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell gun robh e a' faireachdainn gur e "cothrom caillte a bh' ann gu ìre" is e den bheachd gun robh barrachd smachd aig an sgioba aigesan air a' gheama.
Thuirt Kettlewell cuideachd ge-tà, gun robh e den bheachd nach do chruthaich County cothroman gu lèor.
"Bha mi a' faireachdainn gun do rinn sinn gu leòr 'son an geama a bhuannachadh is air là eile, bhiodh sinn air a bhith nas clionaigaich timcheall air an tadhal is bhiodh sinn air na puingean fhaighinn.
"Feumaidh sinn urram a shealltainn do dh'Accies ge-tà airson mar a fhuair iad iad fhèin air ais anns a' gheama".
Bidh County air falbh Cille Bhrìghde an Ear Disathairne is Accies aig an taigh an aghaidh Mhon Rois












