Chan eil suidheachadh nan caorach Hiortach "reusanta" a rèir BhPA

- Air fhoillseachadh
Tha BPA Gàidhealach ag iarraidh atharrachadh fhaicinn air a' chùram a tha ga thoirt do chaoraich ann an Hiort, agus dragh ann gu bheil na ceudan dhiubh a' bàsachadh le cion a' bhìdhe.
Nuair a dh'fhàg na Hiortaich ann an 1930 's ann a thug iad na caoraich aca leotha.
Beagan bhliadhnaichean às dèidh sin ge-tà, ghluais Iarla Dhùn Phrìs (Marcas Bhòid às dèidh sin) caoraich bho Shòthaigh gu Hiort.
Chan eileas air a bhith a' coimhead às an dèidh bhon uair sin, agus iad gam meas mar bheathaichean fiadhaich.

A rèir lighichean-sprèidh a tha stèidhichte ann an Uibhist, bidh na ceudan de na caoraich - suas ri 35% de na th' ann dhiubh air fad, agus 25% de na h-uain - a' bàsachadh leis an acras a h-uile bliadhna.
'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha Hiort, agus tha a' bhuidheann a' feitheamh aithisg air na gnothaichean moralta is eitigeach ceangailte ris na caoraich fheireil.
Draghan às ùr mu chaoraich Hiort
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios
Caoraich Hiortach "fiadhaich" a rèir Riaghaltas na h-Alba
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
Caoraich Hiort: "Thathar a' leigeil le pian is fulangas"
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2025
Tha Tim Eagle BPA, a tha cuideachd na thuathanach chaorach, ag ràdh, ge b' e dè chanas an aithisg sin, nach urrainn dhasan taic a chur ri poileasaidh a dh'fhàgas cùisean mar a tha iad.
"Chan eil adhbhar agam gun creidsinn na tha sinn a' cluinntinn - gu bheil na h-uimhir de chaoraich a tha a' bàsachadh ann an dòigh gu math mì-thlachdmhor," thuirt Mgr Eagle.
"Ma 's urrainn dhuinn bacadh a chur air sin - cuid dhiubh a thoirt far an eilein; 's dòcha gum feumar cuid a spadadh, 's tha fhios agam nach còrd sin ri daoine - ach ge b' e dè am fuasgladh, feumaidh sinn a bhith fosgailte mu dheidhinn.
"'S e an dragh a th' ormsa nach toir sinn feart dhan t-suidheachadh 's gun leig sinn leis cumail a' dol. Chan eil sin reusanta."