Main content

An t-Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas

Seirbheis bho 1996 còmhla ris an Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas. A 1996 Gaelic archive service conducted by Rev William Macleod, Church of Scotland, Uig.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 100: 4-5 air fonn St David agus ‘s e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn.
Salm 104: 21-23 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn.
Salm 72: 170-18 air fonn Montrose agus ‘s e Coinneach Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn.
Chaidh an t-seinn air fad a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba an Ùig, Leòdhas.

Leughadh: Salm 40
Ceann-teagaisg: Salm 40: 1-3

Rugadh an t-Urr Uilleam MacLeòid a bhuinneas do sgìre Bharabhais air taobh siar Eilean Leòdhais bho chionn ceud bliadhna a-màireach, air an 21mh latha den t-Sultain 1926.

Chaidh Mgr MacLeòid iompachadh ann an 1949 nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Leòdhas. Chaidh e dhan oilthigh ann an Glaschu agus an Obar Dheathain a' leantainn dreuchd na ministearalachd. Ghabh e a' chiad choitheanal aige ann am Beinn na Faoghla ann an 1957 far an do chuir e seachad seachd bliadhna. Fhuair e gairm bho choitheanal Ùige ann an Leòdhas ann an 1964 agus bha e an sin còrr air dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd.

Tha e fhèin 's a bhean Mairead Anna air gluasad air ais dhan bhaile far do rugadh agus na thogadh an dithis aca ann am Barabhas.

27 days left to listen

30 minutes

Mgr MacLeòid le cèic a cheann-bliadhna

Mgr MacLeòid le cèic a cheann-bliadhna

Mgr MacLeòid

Mgr MacLeòid

A' chèic

A' chèic

Broadcasts

  • Sun 9 Oct 201621:00
  • Sun 10 Jul 202221:00
  • Sun 27 Oct 202421:00
  • Sunday21:00