
An t-Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas
Seirbheis bho 1996 còmhla ris an Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas. Gaelic archive service conducted by Rev William Macleod, Church of Scotland, Uig.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choithional Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 59: 16-17 air fonn Torwood agus 's e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 45: 10-11 air fonn Morven agus 's e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùig, Leòdhas.
Leughadh: Lùcas 19: 1-11
Ceann-teagaisg: Lùcas 19:9
Rugadh an t-Urr Uilleam MacLeòid a bhuinneas do sgìre Bharabhais air taobh siar Eilean Leòdhais bho chionn ceud bliadhna. Bha a cheann-bliadhna ann aig toiseach na seachdain seo chaidh agus tha sinn a' guidhe gach dùrachd is beannachd dha aig an àm shònraichte seo.
Chaidh Mgr MacLeòid iompachadh ann an 1949 nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Leòdhas. Chaidh e dhan oilthigh ann an Glaschu agus an Obar Dheathain a' leantainn dreuchd na ministearalachd. Ghabh e a' chiad choitheanal aige ann am Beinn na Faoghla ann an 1957 far an do chuir e seachad seachd bliadhna. Fhuair e gairm bho choitheanal Ùige ann an Leòdhas ann an 1964 agus bha e an sin còrr air dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha e fhèin 's a bhean Mairead Anna air gluasad air ais dhan bhaile far do rugadh agus na thogadh an dithis aca ann am Barabhas.
On radio
Broadcasts
- Sun 16 Oct 201609:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jul 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Nov 202421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday21:00BBC Radio nan Gàidheal