
Sreath 1, Eapasod 6
Màiri Anna NicUalraig a' cur na prosbaig air sàr-ghuthan de gach seòrsa agus bho gach cultar.
Mary Ann Kennedy celebrates the original musical instrument: the human voice.
Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth.
Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh suas chun an latha an diugh.
Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal.
Sa phrògram seo, tha Màiri Anna a’ toirt sùil air ìomhaigh na h-eala ann an òrain agus beul-aithris agus cluinnear bho sheinneadair na seachdain, Julie Fowlis.
On radio
More episodes
Previous
Broadcasts
- Next Thursday16:00BBC Radio nan Gàidheal
- Next Saturday12:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Jul 202614:00BBC Radio nan Gàidheal