
Sreath 1, Eapasod 7
Màiri Anna NicUalraig a' cur na prosbaig air sàr-ghuthan de gach seòrsa agus bho gach cultar.
Mary Ann Kennedy celebrates the original musical instrument: the human voice.
Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na phàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth.
Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhabh suas chun an latha an-diugh.
Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghail ach aig cridhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal.
Anns a’ phrògram seo, bidh Màiri Anna a’ toirt sùil air teicneòlas agus air a’ bhuaidh a tha e air toirt air seinn – agus cluinnear cuideachd bho dhiofar luchd-ciùil a tha air ceòl is òrain Ghàidhlig a thoirt air ceum adhart.
On radio
Broadcasts
- Thu 9 Jul 202616:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 11 Jul 202612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Jul 202614:00BBC Radio nan Gàidheal