Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Sreath 1, Eapasod 8

Màiri Anna NicUalraig a' cur na prosbaig air sàr-ghuthan de gach seòrsa agus bho gach cultar. Mary Ann Kennedy celebrates the most universal musical instrument: the human voice.

Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth.

Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh suas chun an latha an diugh.

Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal. Anns a’ phrògram seo bidh Màiri Anna a’ toirt thugainn eisimpleirean de ghuthan agus de chlàraidhean annasach agus cluinnear cuideachd bho sheinneadair Gàidhlig na seachdain, Enya.

Release date:

57 minutes

On radio

Today16:00

Broadcasts

  • Today16:00
  • Saturday12:00
  • Sunday14:00