Frocaichean na Bànrigh agus Samhradh 2026 air an Tac
Cluinnidh Cathy NicDhòmhnaill mar a tha an t-samhradh sa air a bhith do luchd-àiteachais. Cathy MacDonald presents as guests discuss how the summer of 2026 has affected farming.
'S iomadh bonn-còmhraidh a bheir an aimsir dhuinn bho bhliadhna gu bliadhna, ach tha 2026 agus an teas air còmhradh a thogail air feadh na dùthcha mu mar a tha sinn a' làimhseachadh agus a' riaghladh an fhearainn. Ach cò ris a tha e air a bhith coltach dhaibhsan a tha eòlach air beatha air an tac? Tha Raibeart MacDhòmhnaill agus Seonag Barbour a' beachdachadh air a' cheist sin le Cathy NicDhòmhnaill.
Cluinnidh sinn cuideachd bhon ealanaiche-aodaich Sandra Mhoireach, mu thaisbeanadh ùr ann an Lunnainn de dh'aodach na dàrna bànrigh Ealasaid.
Bheir dà-chànanachas sealladh eadar-dhealaichte dhuinn air ar saoghal - ach dè mu dhèidhinn iomadh-chànanachas, agus a bhuaidh air do chànan màthaireil? Tha triùir bhon Roinn Eòrpa a th' air a' Ghàidhlig ionnsachadh a' beachdachadh air buaidh na Gàidhlig air na cànain eile a th' aca: Fañch Bihan-Gallic às a' Bhreatainn Bheag, Moira Piazolli às an Eilbheis, agus Marcel Gurillo a bhuineas do sgìre Valencia sa Spàinn.
Agus tha Anna Frater a' toirt dhuinn a beachd fhèin air leabhar eile son seachdainean an t-samhraidh: The Correspondent le Virginia Evans.
Last on
Broadcasts
- Thursday09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thursday22:55BBC Radio nan Gàidheal
