Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,06 Aug 2026,57 mins

Frocaichean na Bànrigh agus Samhradh 2026 air an Tac

Naoi gu Deich

Available for 29 days

'S iomadh bonn-còmhraidh a bheir an aimsir dhuinn bho bhliadhna gu bliadhna, ach tha 2026 agus an teas air còmhradh a thogail air feadh na dùthcha mu mar a tha sinn a' làimhseachadh agus a' riaghladh an fhearainn. Ach cò ris a tha e air a bhith coltach dhaibhsan a tha eòlach air beatha air an tac? Tha Raibeart MacDhòmhnaill agus Seonag Barbour a' beachdachadh air a' cheist sin le Cathy NicDhòmhnaill. Cluinnidh sinn cuideachd bhon ealanaiche-aodaich Sandra Mhoireach, mu thaisbeanadh ùr ann an Lunnainn de dh'aodach na dàrna bànrigh Ealasaid. Bheir dà-chànanachas sealladh eadar-dhealaichte dhuinn air ar saoghal - ach dè mu dhèidhinn iomadh-chànanachas, agus a bhuaidh air do chànan màthaireil? Tha triùir bhon Roinn Eòrpa a th' air a' Ghàidhlig ionnsachadh a' beachdachadh air buaidh na Gàidhlig air na cànain eile a th' aca: Fañch Bihan-Gallic às a' Bhreatainn Bheag, Moira Piazolli às an Eilbheis, agus Marcel Gurillo a bhuineas do sgìre Valencia sa Spàinn. Agus tha Anna Frater a' toirt dhuinn a beachd fhèin air leabhar eile son seachdainean an t-samhraidh: The Correspondent le Virginia Evans.

Programme Website
More episodes