le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.
Tha laghan lèse-majesté ann an Thailand air a bhith a’ nochdadh anns na naidheachdan o chionn ghoirid. Carson, agus dè dìreach a th’ anns na laghan sin? Tha Murchadh MacLeòid a’ toirt sùil air dè na dùthchannan eile anns a bheil na laghan seo gan cleachdadh.
Tha a’ bhana-chleasaiche Christina Applegate air a bhith ag innse mar a fhuair dotairean a-mach nach e Multiple Sclerosis a tha oirre, mar a bhathar an dùil. Tha bliadhnaichean ann bhon a chaidh innse dhi gur e MS a bh’ oirre. Tha an Dotair Eòghann Dòmhnallach a’ mìneachadh carson a tha MS, uaireannan, cho doirbh aithneachadh, agus tha Frances O’Connell ag innse mar a thachair dhith fhèin.
Tha an latha an-diugh ga chomharrachadh mar National Sandwich Day. Dè an seòrsa ceapaire a bu mhiann leibh, nam biodh an taghadh agaibh, agus carson?
Tha Maureen NicLeòid air a bhith a’ coimhead an fhilm ùr, Wicker - sgeulachd mu bhan-iasgair anns an t-seachdamh linn deug a tha a’ lorg fear a phòsas i. Tha am film stèidhichte air an sgeulachd The Wicker Husband le Ursula Wills. Ach dè shaoil Maureen dheth?
On radio
Broadcasts
- Today09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today22:55BBC Radio nan Gàidheal
