Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Panalan grèine uinneig seach lobht? Eachdraidh Bratach Sìth nan Leòdach. Cèiliche na Seachdain

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

An gabh panalan grèine uinneig thairis bho phanalan traidiseanta air a' lobht? Tha Murchadh Moireach a' rannsachadh na cùise.

Tha prògram ùr, Mythland, air iPlayer a' BhBC, a' toirt sùil air Bratach Sìth nan Leòdach, ann an Caisteal Dhùn Bheagain. Tha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, a tha a' nochdadh anns a' phrògram, ag innse barrachd mun bhratach shònraichte seo.

'S e an Dotair Màrtainn MacGriogair cèiliche na seachdain. Rugadh Màrtainn anns a' Ghearmailt agus thogadh e ann an Dùn Èideann agus ann an Iameuga fad greis. Tha e na òraidiche aig Oilthigh Ghlaschu. Na òige, chuir e seachad iomadh samhradh aig taigh a sheanmhar ann an Uibhist a Tuath, agus tha e fhathast deaghal air a bhith a' dol chun an eilein cho tric 's a ghabhas. Tha Màrtainn na Àrd-Òraidiche ann an Eachdraidh na h-Alba.

Release date:

57 minutes

On radio

Today09:00

Broadcasts

  • Today09:00
  • Today22:55