Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,09 Oct 2016,30 mins

An t-Urr Uilleam MacLeòid, Eaglais na h-Alba, Ùig, Leòdhas

Dèanamaid Adhradh

Available for 26 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 100: 4-5 air fonn St David agus ‘s e Aonghas MacIllEathain a tha os cionn na seinn. Salm 104: 21-23 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Eachann MacLeòid a tha os cionn na seinn. Salm 72: 170-18 air fonn Montrose agus ‘s e Coinneach Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn air fad a chlàradh ann an Eaglais na h-Alba an Ùig, Leòdhas. Leughadh: Salm 40 Ceann-teagaisg: Salm 40: 1-3 Rugadh an t-Urr Uilleam MacLeòid a bhuinneas do sgìre Bharabhais air taobh siar Eilean Leòdhais bho chionn ceud bliadhna a-màireach, air an 21mh latha den t-Sultain 1926. Chaidh Mgr MacLeòid iompachadh ann an 1949 nuair a bha dùsgadh spioradail ann an Leòdhas. Chaidh e dhan oilthigh ann an Glaschu agus an Obar Dheathain a' leantainn dreuchd na ministearalachd. Ghabh e a' chiad choitheanal aige ann am Beinn na Faoghla ann an 1957 far an do chuir e seachad seachd bliadhna. Fhuair e gairm bho choitheanal Ùige ann an Leòdhas ann an 1964 agus bha e an sin còrr air dà fhichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Tha e fhèin 's a bhean Mairead Anna air gluasad air ais dhan bhaile far do rugadh agus na thogadh an dithis aca ann am Barabhas.

Programme Website
More episodes