Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,09 Sep 2026,57 mins

'S e Mark Wringe cèiliche na seachdain sa

Naoi gu Deich

Available for 30 days

An-diugh tha Cathy a' còmhradh ri Pàdraig MacAoidh agus Rona NicDhòmhnaill mu Oidhche nam Bàrd: cuirm a' comharrachadh còrr air mìle bliadhna de bhàrdachd nar cànan, mar phàirt de na cuirmean is tachartasan ron Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu air an ath mhìos. Cluinnidh sinn cuideachd mu mar a tha bàs a' sgrìobhaiche Gloria Steinem air mòran a dhùsgadh chun dìleab a dh'fhàg i às a deidh. Agus 's e Mark Wringe ar cèiliche an t-seachdain sa - is e air a dhreuchd mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a leigeil seachad, as dèidh 30 bliadhna. Ach mar fhear le ùidh mhòr ann an cor na Gàidhlig, litreachas, agus teagaisg - 's iomadh ceist a bhios aig Cathy dha mu bheatha gu seo, is na planaichean a th' aige a-nise le beagan a bharrachd ùine dha fhèin.

Programme Website
More episodes