Main content

'S e Mark Wringe cèiliche na seachdain sa

Tha Cathy NicDhòmhnaill ann an còmhradh le Mark Wringe mu bheatha is a bheachdan. Cathy MacDonald's guest this week is Mark Wringe.

An-diugh tha Cathy a' còmhradh ri Pàdraig MacAoidh agus Rona NicDhòmhnaill mu Oidhche nam Bàrd: cuirm a' comharrachadh còrr air mìle bliadhna de bhàrdachd nar cànan, mar phàirt de na cuirmean is tachartasan ron Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu air an ath mhìos.

Cluinnidh sinn cuideachd mu mar a tha bàs a' sgrìobhaiche Gloria Steinem air mòran a dhùsgadh chun dìleab a dh'fhàg i às a deidh.

Agus 's e Mark Wringe ar cèiliche an t-seachdain sa - is e air a dhreuchd mar òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig a leigeil seachad, as dèidh 30 bliadhna. Ach mar fhear le ùidh mhòr ann an cor na Gàidhlig, litreachas, agus teagaisg - 's iomadh ceist a bhios aig Cathy dha mu bheatha gu seo, is na planaichean a th' aige a-nise le beagan a bharrachd ùine dha fhèin.

29 days left to listen

57 minutes

Last on

Yesterday22:55

Broadcasts

  • Yesterday09:00
  • Yesterday22:55