Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,10 Sep 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 30 days

Dh' ainmich riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dè gu bheil iad air smachd-bhannan a chuir air bailtean Israelach air a’ Bhruaich an Iar, san Ear Mheadhanaich. Ach dè dìreach a th’ anns a’ Bhruach an Iar agus carson an sgìre a' tarraing uimhir de chonnspaid ? Gheibh sinn mìneachadh bho eòlaiche an Ear Mheadhanaich, Iain Mac a’ Phearsain. A-reir rannsachadh a rinn Institiud Poileasaidh Poblach tha na modhan a th'againn a thaobh coinneachadh ri caraidean air atharrachadh. Tha coltachd gu bheil a mhòr-chuid an-diugh nas buailteach a bhith conaltradh ri chèile tro na meadhanan-sòisealta - an coimeas ri bhith coinneachadh aghaidh ri aghaidh. Cluinnidh sinn bho cheathrar dè an dòigh as fhèarr leòtha fhèin a bhith a cabadaich rin caraidean. Agus tha Sandra Corbett a' toirt dhuinn a bheachd air leabhar eile son an t-samhradh: “Hooked” bhon sgrìobhaiche Iàpanach, Asako Yuzuki

Programme Website
More episodes