Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan.
Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Dh' ainmich riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dè gu bheil iad air smachd-bhannan a chuir air bailtean Israelach air a’ Bhruaich an Iar, san Ear Mheadhanaich. Ach dè dìreach a th’ anns a’ Bhruach an Iar agus carson an sgìre a' tarraing uimhir de chonnspaid ? Gheibh sinn mìneachadh bho eòlaiche an Ear Mheadhanaich, Iain Mac a’ Phearsain.

A-reir rannsachadh a rinn Institiud Poileasaidh Poblach tha na modhan a th'againn a thaobh coinneachadh ri caraidean air atharrachadh. Tha coltachd gu bheil a mhòr-chuid an-diugh nas buailteach a bhith conaltradh ri chèile tro na meadhanan-sòisealta - an coimeas ri bhith coinneachadh aghaidh ri aghaidh. Cluinnidh sinn bho cheathrar dè an dòigh as fhèarr leòtha fhèin a bhith a cabadaich rin caraidean.

Agus tha Sandra Corbett a' toirt dhuinn a bheachd air leabhar eile son an t-samhradh: “Hooked” bhon sgrìobhaiche Iàpanach, Asako Yuzuki

26 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Thursday09:00
  • Thursday22:55