Fuamhairean Bhàideanach am measg nan tadhalair fhoillseachadh aig 09:47 TSB 28 An t-Sultain
Thàinig an seachdamh tadhal aig Ceann a' Ghiùthsaich bho Roddy Young - ach bha buille mhòr ann cuideachd is Young air a ghoirteachadh aig an dearbh àm
Seachdain às dèidh dhaibh coinneachadh ann an cuairt dheireannach Chupa na Camamachd thill Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèibh gu geamaichean lìge is iad ri chèile a' buannachadh 7-0.
Cha robh coltas ann gun do rinn am partaidh mòr a bh' aca às dèidh an cupa a bhuannachadh cron air Ceann a' Ghiùthsaich is iad a' toirt pronnadh air Loch Abar aig an Dell.
Chuir Roddy Young còig de na seachd tadhail e fhèin, ach bha buille ann dha fhèin is dhan sgioba nuair a ghoirtich e a ghlùin fhad 's a bha e a' cur an tadhail mu dheireadh den là.
Cha robh coltas ro mhath air idir is bidh Ceann a' Ghiùthsaich a-nise an dòchas nach eil seusan Young seachad agus trì geamaichean lìge fhathast aca ri cluich.
Bidh fear dhiubh sin an aghaidh a' Bhaile Ùir is a h-uile coltas ann gur e an geama a dh'innseas cò bhuannaicheas an tiotal.
Ghabh am Baile Ùr an rathad fada gu Taigh na Bruaich is iad 'son faighinn seachad gu sgiobalta air a' bhriseadh-dùil a bh' acasan sa chuairt dheireannaich.
Bha iad cus ro mhath do Chaol Bhòid is Steven Dòmhnallach gan cur air thoiseach às dèidh seachd mionaidean le buille-peanais.
'S e 3-0 a bh' ann aig letheach-slighe is thàinig ceithir tadhail eile san dàrna leth - trì dhiubh bho Iain Robinson - is feasgar gu math cofhurtail aig a' Bhaile Ùr.
Blàr aig a' bhonn
Sna geamaichean sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain a' chùis 3-0 air Cabar Fèidh is 's e 6-0 a bh' ann dha Ceann Loch Seile an aghaidh Caol-Gleann.
Tha geama mòr a-nise aig Caol-Gleann an aghaidh nan nàbaidhean aca Caol Bhòid Disathairne seo tighinn - geama a dh'fheumas iad buannachadh ma tha cothrom gu bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.
San Lìog Nàiseanta thàinig seusan lìge doirbh do Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal gu ceann nuair a chaill iad 5-0 ri Inbhir Aora, a dh'èirich iad fhèin dà àite san lìog.
Tha cothrom fhathast aig GMA crìochnachadh le duais ge-tà, is iad gu bhith a' cluich ann an Cupa a' Mhòid air an 10mh den Dàmhair an aghaidh Obar Dobhair.
Cuideachd air an deireadh-sheachdain dh'èirich na Leòdhasaich gu bàrr Lìog Tuath 2 nuair a rinn iad a' chùis 3-1 air Srath Ghlais sa gheama mu dheireadh aca den t-seusan.
'S iad Paddy Wilson, Ally MacLaomainn is John Slaughter a fhuair na tadhail dha na Leòdhasaich agus Ciaran Melens air an targaid do Shrath Ghlais.
Feumaidh na Leòdhasaich a-nise feitheamh 'son faicinn mar a thèid do Cill Mhàilidh is Loch Abar is cothrom acasan leum os on cionn ma bhuannaicheas iad na geamaichean mu dheireadh aca.












