Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha an Dotair Eòghann Dòmhnallach a' toirt sùil air aithisg ùr mu aillse a' phròstata ann am fir. Nochd an aithisg anns an iris mhedigach The Lancet bho chionn ghoirid.

Cò aige nach eil cuimhne air Hannibal Lecter anns an fhilm The Silence of the Lambs?! Tha dealbh-chluich dhen sgeulachd air chuairt an-dràsta agus chaidh John Neil Dòmhnallach ga fhaicinn. Tha e ag innse do Chathy mu dheidhinn.

'S e Ailean Esslemont cèiliche na seachdain. 'S ann à Bràigh Mhàrr a tha Ailean bho thùs, 's tha e fhèin ag innse mar a thàinig e gu bhith an sàs ann an seirbheis Teilifís na Gaeilge an Èirinn agus mar a ghabh e ùidh ann an Gàidhlig na h-Alba.

27 days left to listen

57 minutes

Last on

Wednesday22:55

Broadcasts

  • Wednesday09:00
  • Wednesday22:55